Rann do 'n Ghaidhlig 'so do 'n Phiob-Mhoir 'sa' Bhliadhna 1782
Tha 'n Comunn uasal Rìoghail
A' sìor chur seòil an dràsd
Air nàdurrachd an sìnnsireachd
A thogail cinn 's gach àit:
A' Ghàidhlig air a mìneachadh
O 's cinnteach gur i 's fheàrr—
An labhairt phrìseil chùramach
Rinn cùmhnanta ri Adhamh.
Tha gach duine 'g ìnnseadh dhuinn,
Cho cinnteach ris a' bhàs,
Gur i bu chainnt aig Nòah
'N am seòladh anns an àirc,
'S i uaith sin gu lìonmhor
Aig gach lìnnidh a ta fàs;
'S cha téid i chaoidh air dìochuimhn
Gus an tìm an tig am bràth.
A' sìor chur seòil an dràsd
Air nàdurrachd an sìnnsireachd
A thogail cinn 's gach àit:
A' Ghàidhlig air a mìneachadh
O 's cinnteach gur i 's fheàrr—
An labhairt phrìseil chùramach
Rinn cùmhnanta ri Adhamh.
Tha gach duine 'g ìnnseadh dhuinn,
Cho cinnteach ris a' bhàs,
Gur i bu chainnt aig Nòah
'N am seòladh anns an àirc,
'S i uaith sin gu lìonmhor
Aig gach lìnnidh a ta fàs;
'S cha téid i chaoidh air dìochuimhn
Gus an tìm an tig am bràth.