Oran a' Bhrannaidh
Di-haal-lum, di-haal-lum, di-i'il i'il, hanndan,
Di-dir-ir-i-hal-hi'il-lum, di-dir-ir-i-hal-haoi-rum;
Di-i'il-i'il-hal-dir-ir-i, ha-ri-ha'al-haoi-rum,
Di-i'il-haal-dil-il-i'il, dor-ri-ho'ol-hann-dan.
Tha fortan ann, bidh deoch againn,
Na biodh an copan gann oirnn;
Tha pailteas anns na botalaibh,
Chan 'eil an stoc air chall oirnn;
Is feairrde sinn an toiseach e
Gu brosnachadh ar cainnte;
Ged bhiodh a h-uile deoch againn
'S e 's docha leinn am branndaidh.
Di-haal-lum, di-haal-lum, &c.
'S e sin an sruthan mireanach,
An tobar milis seannsail;
Tha binneas mar ri grinneas
A chur spioraid am fear fann ann;
Is feairrde sinn na shireas sinn,
Cha chulaidh mhilleadh cheann e;
'S ro-mhath an seise muineil
Do gach duine ghabhas rann e.
Na fir anns a bheil cridhealas,
Nach 'eil an cridhe gann ac',
Companaich na dighe,
A ni suidhe leis an dram iad;
Iarraidh iad a rithist e
Ma bhitheas beagan ann deth;
'N uair chluinneas iad an fhidheall
Bidh iad fioghaireach gu dannsadh.
'N uair gheibh sinn de na baraillean
Na 's math leinn fo 'r comannda,
Na cupain a tha falamh
Bhith le searraig a' cur annta,
Gach caraid bhios a' taitneadh ruinn
Gum b' ait leinn e bhith cainnt ruinn,
'N uair thig a' ghlaine bhasdalach
Air bhlas an t-si u cair-channdaidh.
Cha chunnart duinn e theireachdainn,
Tha seileir anns an Fhraing dheth;
Chan 'eil eagal gainne
Air an loingeas thug a nall e;
Their sinne, on bu toigh leinn e,
Nach dean a choire call oirnn,
Air fhad 's gun dean sinn fuireach ris,
Bhith gabhail tuilleadh sannt air.
Na fir a tha 'nan sgrubairean,
Nach caith an cuid 'san am seo,
Chan imir iad bhith cuide ruinn
'Nan tubaistean le ganntar;
Cha sir iad dol an cuideachd,
Is chan iarr a' chuideachd ann iad;
Mur cuir am b u rn am padhadh dhiubh,
Chan fhaigheadh iad am branndaidh.
Di-dir-ir-i-hal-hi'il-lum, di-dir-ir-i-hal-haoi-rum;
Di-i'il-i'il-hal-dir-ir-i, ha-ri-ha'al-haoi-rum,
Di-i'il-haal-dil-il-i'il, dor-ri-ho'ol-hann-dan.
Tha fortan ann, bidh deoch againn,
Na biodh an copan gann oirnn;
Tha pailteas anns na botalaibh,
Chan 'eil an stoc air chall oirnn;
Is feairrde sinn an toiseach e
Gu brosnachadh ar cainnte;
Ged bhiodh a h-uile deoch againn
'S e 's docha leinn am branndaidh.
Di-haal-lum, di-haal-lum, &c.
'S e sin an sruthan mireanach,
An tobar milis seannsail;
Tha binneas mar ri grinneas
A chur spioraid am fear fann ann;
Is feairrde sinn na shireas sinn,
Cha chulaidh mhilleadh cheann e;
'S ro-mhath an seise muineil
Do gach duine ghabhas rann e.
Na fir anns a bheil cridhealas,
Nach 'eil an cridhe gann ac',
Companaich na dighe,
A ni suidhe leis an dram iad;
Iarraidh iad a rithist e
Ma bhitheas beagan ann deth;
'N uair chluinneas iad an fhidheall
Bidh iad fioghaireach gu dannsadh.
'N uair gheibh sinn de na baraillean
Na 's math leinn fo 'r comannda,
Na cupain a tha falamh
Bhith le searraig a' cur annta,
Gach caraid bhios a' taitneadh ruinn
Gum b' ait leinn e bhith cainnt ruinn,
'N uair thig a' ghlaine bhasdalach
Air bhlas an t-si u cair-channdaidh.
Cha chunnart duinn e theireachdainn,
Tha seileir anns an Fhraing dheth;
Chan 'eil eagal gainne
Air an loingeas thug a nall e;
Their sinne, on bu toigh leinn e,
Nach dean a choire call oirnn,
Air fhad 's gun dean sinn fuireach ris,
Bhith gabhail tuilleadh sannt air.
Na fir a tha 'nan sgrubairean,
Nach caith an cuid 'san am seo,
Chan imir iad bhith cuide ruinn
'Nan tubaistean le ganntar;
Cha sir iad dol an cuideachd,
Is chan iarr a' chuideachd ann iad;
Mur cuir am b u rn am padhadh dhiubh,
Chan fhaigheadh iad am branndaidh.
Translation:
Language:
Reviews
No reviews yet.