Cumha Coire a' Cheathaich

Is duilich leam an caradh
Th' air coire gorm an fhasaich,
An robh mi greis a m' arach
'Sa' Bhraighe seo thall;
'S iomadh fear a bharr orm
A thaitneadh e r' a nadur,
Nam biodh e mar a bha e
'N uair dh' fhag mi e nall;
Gunnaireachd is lamhach,
Spurt is adhbhar ghaire,
Chleachd bhith aig na h-armainn
A b' abhaist bhith 'sa' ghleann.
Rinn na fir ud fhagail,
'S Mac Eoghainn t' ann an drasda,
Mar chlach an ionad cabaig,
An aite na bh' ann.

Tha 'n coir' air dol am failinn,
Ged ithear thun a' bhlair e,
Gun duin' aig a bheil cas deth
Mu 'n ait anns an am;
Na feidh a bh' ann air fhagail,
Cha d' fhuirich gin air arainn,
'S chan 'eil an aite tamha
Mar bha e 'sa' ghleann.
Tha 'm baran air a sharach',
'S dh' fhairtlich air an taladh,
Gun sgil aig' air an nadur,
Ged thainig e ann.
B' fhearr dha bhith mar b' abhaist,
Os cionn an t-soithich chatha,
'S a lamhan a bhith lan dith,
'Ga fasgadh gu teann.

'S e m u thadh air an t-saoghal
An coire laghach gaolach
A dhol a nis air faondradh,
'S am maor a theachd ann;
'S gur h-e bu chleachdainn riamh dha
Bhith trusadh nan cearc biadhta,
Gur tric a rinn iad sianail
Le pianadh do lamh;
Is iad 'nam baidnibh riabhach,
Mu t' amhaich 's ann ad sgiathan;
Bhiodh itealaich is sgiabail
Mu t' fhiaclan 'san am.
Bu ghiobach thu ri riaghailt
Mu chidsin taigh an Iarla,
Gar nach b' e do mhiann
Bhith cur bhian air an staing.

Ged tha thu nis 'sa' Bhraighe,
Cha chompanach le cach thu,
'S a h-uile duine tair ort
On thainig thu ann.
Is eigin duit am fagail
Na 's measa na mar thainig;
Cha taitinn thu ri 'n nadur
Le cnamhan 's le cainnt.
Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
'N uair rachadh tu mun cuairt daibh,
Cha dean thu ach am fuadachadh
Suas feadh nam beann,
Leis a' ghunna nach robh buadhmhor,
'S a' mheirg air a toll-cluaise:
Chan eirmis i na cruachan,
An cuaille dubh cam.

'S e 'n coire chaidh an deislaimh,
On tha e nis gun fheidh ann,
Gun duin' aig a bheil speis diubh
Ni feum air an c u l.
On tha iad gun fhear-gleidhte
Chan fhuirich iad r' a cheile,
'S ann ghabh iad an ratreuta
Seach reidhlean nan L u b.
Chan 'eil pris an ruadhbhuic
An coille no air fuaran,
Nach b' eigin da bhith gluasad
Le ruaig feadh na d u thch'.
Chan 'eil a nis mun cuairt da
Aon spurt a dheanadh suairceas,
No thaitneadh ri duin'-uasal
Ged fhuasgladh e ch u .

Tha choille bh' anns an fhrith ud,
Na cuislean fada direach,
Air tuiteam is air crionadh
Sios as an r u sg;
Na prisean a bha brioghmhor,
Na dosaibh tiugha lionmhor,
Air seacadh mar gun spiont' iad
A nios as an u ir;
Na failleanan bu bhoidhche,
Na slatan is na h-ogain,
'S an t-ait am biodh an smeorach
Gu modhar a' seinn ci u il —
Tha iad uil' air caochladh,
Cha d' fhuirich fiodh no fraoch ann,
Tha 'm mullach bharr gach craoibhe,
'S am maor 'ga thoirt di u bh.

Tha Uisge Srath na Dige
'Na shruthladh dubh gun siothladh,
Le barraig uaine lithghlais,
Gu mi-bhlasda grannd;
Feurlochain is tachair
An cinn an duilleag-bhaidhte —
Chan 'eil gne tuilleadh fas
Anns an ait ud 'san am;
Glumagan a' chathair,
'Na ghlugaibh domhain samhach,
Cho tiugh ri s u ghan catha,
'Na lathaich 's 'na phlam;
Sean bh u rn salach ruadhain,
Cha ghlaine ghrunnd na uachdar,
Gur coslach ri muir ruaidh e,
'Na ruaimle feadh stang.

Tha 'n t-ait an robh na fuarain
Air fas 'na chroite cruaidhe,
Gun sobhrach gun dail-chuaich,
Gun lus uasal air carn;
An sliabh an robh na h-eildean,
An aite laighe 's eirigh,
Cho lom ri cabhsair feille,
'S am feur, chinn e gann.
Chuir Alasdair le gheisgeil
A' ghreigh ud as a cheile,
'S ar leam gur mor an eucoir
An eudail a chall;
Cha lugha 'n t-adhbhar miothlachd
Am fear a chleachd bhith tiorail
A' tearnadh is a' direadh
Ri frith nan damh seang.

Ach mas duine de shliochd Pharaig
A theid a nis do 'n aite,
'S gun cuir e as a laraich
An tacharan a th' ann,
Bidh 'n coire mar a bha e,
Bidh laoigh is aighean dar' ann,
Bidh daimh a' dol 'san damhair
Air fasach nam beann;
Bidh buic 'sna badan blatha,
Na bric 'san abhainn laimh riu,
'S na feidh air Srath na Lairge
Ag arach nam mang.
Thig gach uile ni g' a abhaist,
Le aighear is le abhachd,
'N uair gheibh am baran bairlinn
Siud fhagail gun taing.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.