Marbhrann Do Chaiptean Fearghustan

T HÀINIG naidheachd oirnn o 'n lear
Le gaoith an ear o Chuan Sgi —
Na thill an naidheachd air n-ais;
Na thig an t-athsgeul a ris:

Caiptean Fearghustan 's a long
Fo ainmeinn nan tonn gu dian —
H-uile neach do 'n adhbhar th u rs'
Bior 'n a sh u il gu c u l a' chinn.

Thuirt Ruaidheabhal le guth ard,
" Ma rinn e 'n tearnadh cho cas,
Ma tha e 'm broinn muice no roin
Cha tig e mar Ionah as.

" 'S iomadh tir 'n do thog e sm u id,
Talla m u irneach chuir e dhith.
Gum b'aotrom leam clach-muhuilinn mhor
Mar acaire g'a chumail shios.

" An torc nimh' nach tugadh baidh,
Nochd a lamh an ar 's am murt,
'S ait leam claban do chinn mhaoil
'G a chagnadh fo chraos na muic'.

" Far an cuidhtichear an t-olc
Ris gach droch dhuin' theid a null,
'N tomhas straic a thug thu uat
Gheibh thu 'n tomhas suas a nall.

" 'S eibhinn leo 's an tir ud thall
O thug thu do cheann fo 'n mhuir;
Gum b'aotrom leo Cruachan Beann
Fhaicinn 'n a mheall air do mhuin. "

Thubhairt Eubhal mhor a' cheo,
" Cha b'e sin an solas leam;
'S airde t'eanbhruith na t'fheoil
O 'n la thoirleum thu 's a' ghrunnd. "

Thubhairt Teach an Triubhais fhiadhaich
Chrotach chrom nam fiadh 's nam molt,
" 'S buileach a dh'fhag thu do chiall;
'S fada do cheann liath ri olc. "

Sin 'n uair thubhairt Li bho Dheas,
" Easbhuidh ort a bhean gun cheill,
Chan 'eil aon bheinn air an t-saoghal
Bhios 'g a chaoineadh ach thu fein. "

Sin 'n uair thubhairt Beinn MhicMhuirich,
" Cluinneam 'g a thuiream a nis thu.
Chan ionann caoineadh is caineadh —
Caoineadh asan 's cainidh mis' e.

" 'S ann shios ud a bha 'n an tamh
Luchd dheanamh nan dan gu binn;
Ann an siothshaimh fhuair iad bas —
Cha robh phlaigh ud ann ri 'n linn.

" Gum b'aithne dhomhsa Niall Mor,
Domhnall Gearr, 's Niall coir a mhac,
O Dhomhnall eile gu Niall —
D' ur fianntachd a ghabh mi tlachd. "
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.