Oran do Mharcus Nan Greumach, agus Do'n Eideadh-Ghaidhealach

Is trom an t-airsneul so th'air m'aigne,
Le fadachd 's le mìghean,
A bhuin mo threòir 's mo thàbhachd dhiom,
Cha ghabhadh ceòl na mànran rium;
Ach thàinig ùr-thosgair da m'iunnsaidh
Dhùisg mi as mo shuain,
'N uair fhuair mi 'n sgeul bha mòr ri éigh'd
Gu'n d'eatromaich mo smuain.

Is latha sealbhach, rathail, dealrach,
Allail, ainmeil, àghmhor,
A dh'fhuasgail air na h-Albannaich,
O mhachraichean gu garbhlaichean,
O uisge-Thuaid gu Arcamh chuain,
O Dheas gu Tuath gu léir;
Is binne 'n srann, feadh shrath a's ghleann,
Na organ gun mheang gleus.

A Mharcuis òig nan Greumach,
Fhir ghleust' an aigne rìoghail,
O! gu ma buan air t' aiteam thu,
Gu treubhach, buadhach, macanta;
'S tu 'n ùr-shalt àluinn 's mùirneil blàth
De'n fhiùbhaidh àrd nach crìon;
Gur tric na Gàidheil 'g òl do shlàint',
Gu h-àrmunnach air fìon.

Mo cheist am fìrean foinneamh, dìreach,
Maiseach, fìor-ghlan, ainmeil,
Mo sheobhag sùl-ghorm amaisgeil,
Tha comhant', cliùtach, bearraideach,
A b'àird' a leumadh air each-sréine,
'M barrachd euchd thar chàch;
'S tu bhuinig cùis a bhàrr gach cùirt,
'S a chuir air chùl ar càs!

Air bhi air fàrsan dhomh gach là
Gur tus' tha ghnà air m' inntinn;
Mo rùn do'n tìr o'n d'imich mi,
'S mo shùil air fad gu pilleadh ri'.
'S ann thogas orm gu grad mo cholg
Le aigne meanmnach treun,
Mo chliabh tha gabhail lasadh aighir,
'S ait mo naigheachd féin.

Thàinig fasan anns an achd
A dh'òrdaich pailt am féile,
Tha éirigh air na breacanan
Le farum treun neo-lapanach;
Bi'dh òighean tapaidh sniomh 's a' dath
Gu h-éibhinn, ait, le uaill,
Gach aon diubh 'g éideadh a gaoil féin
Mar 's réidh leo anns gach uair.

Biodh cogadh ann no sìoth-chainnt,
Cha chuir sin sìor-euchd oirnn.
An arm no feachd ma thogras iad,
No 'n àr-amach cha n-obamaid,
Le 'r teannadh suas ri uchd an fhuath-s',
Le 'r n-earradh uasal féin;
Le lannan cruadhach, neartmhor, buan,
A' leantainn ruaig gun sgios!

O'n fhuair sinn fasan le 'r sàr-chleachdadh,
Dùisgeadh beachd ar sinnsear,
Le rùn gun cheilg 's a h-uile fear,
'S gun mheirgh' air leirg nan Lunnuinneach,
Le sunnd a's gleus, a's barrachd spéis
Toirt àite féin do'n Rìgh,
Mo bhàs gun éis mur b' fheàrr leam féin sin
Na ge d' éibhte 'n t-sìth!
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.