Oran do 'N T-Seann Fhreiceadan Ghaidhealach
Deoch-slaint' an Fhreiceadain
'S aill leinn gun cheist i,
'S l 'n fhailte nach beag oirnn
Dhol deiseal ar cleibh;
Chan fhag sinn am feasd i
On tha sinn cho dleasdanach
Do na h-armainn bu sheirceile
Sheasamh an sreud;
Na curaidhean calma
Dh' am buineadh bhith 'n Albainn,
Feadh mhunaidhnean garbhlaich
A' sealg air na feidh;
Fhuair mis' orra seanchas
Nach mios' an cois fairg' iad,
Bhiodh an cidsinean tarbhach
Le marbhadh an eisg.
Buaidh gu brath air na fleasgaich
Fhuair an arach am Breatainn,
Chuaidh air sail o chionn greis uainn,
Dhol am freasdal ri feum;
An loingeas laidir thug leis iad
Nach saraicheadh beagan,
Muir a' gairich 'gan greasadh
'S i freagradh dhaibh fein;
Chuir gach lamh mar bu deise
Buill de 'n charcaich bu treise
Ri barr nan crann seasmhach
Ri lethtaobh gach breid;
'S i 'g imeachd air chuantan
'N uair a dh' eirich gaoth tuath leath',
B' ainmeil air luaths i,
'S i gluasad gu reidh.
'N uair a chuir iad na h-armainn
Air tir ann am Flanras,
'S iad fada o 'm pairtidh
'S o 'n aiteachan fein,
Bha onoir nan Gaidheal
An earbsa r' an tabhachd,
Bha sin mar a b' abhaist,
Gun fhailinn fo 'n ghrein;
Tha urram an drasd
Aig gach tir anns an d' fhas iad,
Le feabhas an abhaist,
An naduir 's am beus:
Bhith dileas d' an cairdean,
Cur sios air an naimhdean;
'S iomadh rioghachd an d' fhag iad
Fuil bhlath air an fheur.
'S e la Fontenoi
Thug onoir gu leor dhaibh,
'N uair a chruinnich iad comhla
'S a thoisich an streup;
Bu tartrach 'ur Coirneal
Cur ghaisgeach an ordugh,
Na lasgairean oga
Chaidh deonach 'na dheidh —
Na gleacairean comhraig
As fhearr th' aig Righ Deorsa,
A fhuair fasan is foghlam,
Is eolas dh' a reir.
'S e d u il a bheil mise,
'N am r u sgaidh no trioblaid,
Gun tugadh a fichead dhiubh
Briseadh a ceud.
Fir aigeannach mheamnach
Le glaslann an ceannbheart,
'S i sgaiteach gu barrdheis
'S i anbarrach geur;
An taice ri targaid,
Crios breac nam ball airgid,
'S an dag nach robh cearbach
G' an tearmann 'nan sgeith;
Le 'n gunnachan glana
Nach di u ltadh dhaibh aingeal,
Spuir u r air an teannadh
Gu daingean 'nan gleus;
Gu cuinnsearach biodagach
F u darach miosarach
Adharcach miosail,
Gu misneachail treun.
Na spealpan gun athadh
A chleachd bhith ri sgathadh,
Nach seachnadh dol fhathast
An rathad sin fhein;
An t-astar a ghabhail
'S an ceartas a thathaich,
Tri-chlaiseach 'nan lamhan
Leis an caitheadh iad beum;
Dol madainn gu mathas,
Chan iarradh iad athais
Gu deireadh an latha
'S am laighe do 'n ghrein.
'S deas-fhaclach an labhairt
Le caisimeachd chatha,
'S e 'n caisteal an claidheamh
G' an gleidheadh gun bheud.
Fir acainneach armach,
Le 'm brataichean ballbhreac,
Bu tlachdmhor an armailt iad
'S b' ainmeil am feum;
Sliochd altram nan Garbhchrioch,
Am feachd a tha earbsach,
Nach caisgear an aintheas
Gu 'n dearbh iad nach geill.
Leinn as fhada o 'n dh' fhalbh sibh
Air astar do 'n Ghearmailt,
Chur as do gach cealgair
Chuir fearg oirbh fein;
An glacadh 's am marbhadh,
'S an sgapadh mar mheanbhchrodh
'S na madaidh 'gan leanmhainn
Air leargainn an t-sleibh.
Sliochd fineachan uasal
A ghin o na tuathaich,
'San iomairt bu dual dhaibh
Dol suas air gach ceum;
Gach cas mar bu luaithe,
'S gach lamh mar bu chruaidhe,
'S an ardan an uachdar
A' bualadh nan speic;
Bu ghnath le 'n luchd-fuatha
Bhith 'san araich gun ghluasad,
'S a' phairt dhiubh dh' fhalbh uatha
Bhiodh an ruaig air an deidh.
Le lamhach nan gillean,
'S le lanntan geur biorach,
Bhiodh an naimhdean air iomain
A' sileadh nan creuchd.
Bu chli u iteach na lasgairean
Ura deas gasda,
Mionn-s u l iad r' am faicinn
Do gach neach leis an leir;
Gach seol mar a chleachd iad,
Le 'n comhdacha dreachmhor,
Le 'n osana breaca,
'S le 'm breacana 'n fheil';
Tha mo dh u il r' an tighinn dhachaigh
Gun an u in' a bhith fada,
Le c u mhnanta ceartais,
Fir Shasann gu leir;
Le sti u radh an aigeil
Muir dh u bhghorm chur seachad,
'S nach c u m an cuan farsaing
Orra bacadh no eis.
'N uair a thainig an trioblaid
'S i a dha 's an da fhichead
Bha dana le misneach
'S le mios orra fein;
Bras ardanach fiosrach,
Gun fhailinn gun bhriseadh,
'S cuid araidh dh' an gibhtean
Bhith 'n gliocas 's an ceill;
Tha talantan tric
Aig a' phairtidh ud bitheant',
'S a h-uil' ait anns an tig iad
No idir a theid.
Co an drasda their mise
Thig an aird ribh a chlisge,
Mur fag sibh e nis
Aig an t-sliochd thig 'nur deidh?
'S aill leinn gun cheist i,
'S l 'n fhailte nach beag oirnn
Dhol deiseal ar cleibh;
Chan fhag sinn am feasd i
On tha sinn cho dleasdanach
Do na h-armainn bu sheirceile
Sheasamh an sreud;
Na curaidhean calma
Dh' am buineadh bhith 'n Albainn,
Feadh mhunaidhnean garbhlaich
A' sealg air na feidh;
Fhuair mis' orra seanchas
Nach mios' an cois fairg' iad,
Bhiodh an cidsinean tarbhach
Le marbhadh an eisg.
Buaidh gu brath air na fleasgaich
Fhuair an arach am Breatainn,
Chuaidh air sail o chionn greis uainn,
Dhol am freasdal ri feum;
An loingeas laidir thug leis iad
Nach saraicheadh beagan,
Muir a' gairich 'gan greasadh
'S i freagradh dhaibh fein;
Chuir gach lamh mar bu deise
Buill de 'n charcaich bu treise
Ri barr nan crann seasmhach
Ri lethtaobh gach breid;
'S i 'g imeachd air chuantan
'N uair a dh' eirich gaoth tuath leath',
B' ainmeil air luaths i,
'S i gluasad gu reidh.
'N uair a chuir iad na h-armainn
Air tir ann am Flanras,
'S iad fada o 'm pairtidh
'S o 'n aiteachan fein,
Bha onoir nan Gaidheal
An earbsa r' an tabhachd,
Bha sin mar a b' abhaist,
Gun fhailinn fo 'n ghrein;
Tha urram an drasd
Aig gach tir anns an d' fhas iad,
Le feabhas an abhaist,
An naduir 's am beus:
Bhith dileas d' an cairdean,
Cur sios air an naimhdean;
'S iomadh rioghachd an d' fhag iad
Fuil bhlath air an fheur.
'S e la Fontenoi
Thug onoir gu leor dhaibh,
'N uair a chruinnich iad comhla
'S a thoisich an streup;
Bu tartrach 'ur Coirneal
Cur ghaisgeach an ordugh,
Na lasgairean oga
Chaidh deonach 'na dheidh —
Na gleacairean comhraig
As fhearr th' aig Righ Deorsa,
A fhuair fasan is foghlam,
Is eolas dh' a reir.
'S e d u il a bheil mise,
'N am r u sgaidh no trioblaid,
Gun tugadh a fichead dhiubh
Briseadh a ceud.
Fir aigeannach mheamnach
Le glaslann an ceannbheart,
'S i sgaiteach gu barrdheis
'S i anbarrach geur;
An taice ri targaid,
Crios breac nam ball airgid,
'S an dag nach robh cearbach
G' an tearmann 'nan sgeith;
Le 'n gunnachan glana
Nach di u ltadh dhaibh aingeal,
Spuir u r air an teannadh
Gu daingean 'nan gleus;
Gu cuinnsearach biodagach
F u darach miosarach
Adharcach miosail,
Gu misneachail treun.
Na spealpan gun athadh
A chleachd bhith ri sgathadh,
Nach seachnadh dol fhathast
An rathad sin fhein;
An t-astar a ghabhail
'S an ceartas a thathaich,
Tri-chlaiseach 'nan lamhan
Leis an caitheadh iad beum;
Dol madainn gu mathas,
Chan iarradh iad athais
Gu deireadh an latha
'S am laighe do 'n ghrein.
'S deas-fhaclach an labhairt
Le caisimeachd chatha,
'S e 'n caisteal an claidheamh
G' an gleidheadh gun bheud.
Fir acainneach armach,
Le 'm brataichean ballbhreac,
Bu tlachdmhor an armailt iad
'S b' ainmeil am feum;
Sliochd altram nan Garbhchrioch,
Am feachd a tha earbsach,
Nach caisgear an aintheas
Gu 'n dearbh iad nach geill.
Leinn as fhada o 'n dh' fhalbh sibh
Air astar do 'n Ghearmailt,
Chur as do gach cealgair
Chuir fearg oirbh fein;
An glacadh 's am marbhadh,
'S an sgapadh mar mheanbhchrodh
'S na madaidh 'gan leanmhainn
Air leargainn an t-sleibh.
Sliochd fineachan uasal
A ghin o na tuathaich,
'San iomairt bu dual dhaibh
Dol suas air gach ceum;
Gach cas mar bu luaithe,
'S gach lamh mar bu chruaidhe,
'S an ardan an uachdar
A' bualadh nan speic;
Bu ghnath le 'n luchd-fuatha
Bhith 'san araich gun ghluasad,
'S a' phairt dhiubh dh' fhalbh uatha
Bhiodh an ruaig air an deidh.
Le lamhach nan gillean,
'S le lanntan geur biorach,
Bhiodh an naimhdean air iomain
A' sileadh nan creuchd.
Bu chli u iteach na lasgairean
Ura deas gasda,
Mionn-s u l iad r' am faicinn
Do gach neach leis an leir;
Gach seol mar a chleachd iad,
Le 'n comhdacha dreachmhor,
Le 'n osana breaca,
'S le 'm breacana 'n fheil';
Tha mo dh u il r' an tighinn dhachaigh
Gun an u in' a bhith fada,
Le c u mhnanta ceartais,
Fir Shasann gu leir;
Le sti u radh an aigeil
Muir dh u bhghorm chur seachad,
'S nach c u m an cuan farsaing
Orra bacadh no eis.
'N uair a thainig an trioblaid
'S i a dha 's an da fhichead
Bha dana le misneach
'S le mios orra fein;
Bras ardanach fiosrach,
Gun fhailinn gun bhriseadh,
'S cuid araidh dh' an gibhtean
Bhith 'n gliocas 's an ceill;
Tha talantan tric
Aig a' phairtidh ud bitheant',
'S a h-uil' ait anns an tig iad
No idir a theid.
Co an drasda their mise
Thig an aird ribh a chlisge,
Mur fag sibh e nis
Aig an t-sliochd thig 'nur deidh?
Translation:
Language:
Reviews
No reviews yet.