Rann do 'n Ghaidhlig 's do 'n Phiob-Mhoir 'sa' Bhliadhna 1789
Brosnachadh cluiche na pìoba
Dh' ìnnsinn pàirt deth:
An toiseach a gleusadh 'n uair a lìonar
Séid 'na màla;
Fonnmhor freagarrach dh' a chéile
Na duis àrda,
Làn toil-inntinn do 'n luchd-éisdeachd
Bhios 'ga clàistinn.
Pìob uallach nam maidean réidhe
'S nan ceanna cnàmha,
De 'n fhiodh chruaidh thig a Semeuca,
'S fheàrr tha fàs ann,
Air a thuairneireachd cruinn dìreach,
Iobhaireach fàinneach;
Gaothaireach feadanach fìnealt'
Le binne chàileachd.
'S freagarrach a' chuid a steach dhith,
'S tha 'n taobh mach dhith dreachmhor dàicheil,
Tonnagach ruibeineach rìomhach,
Dosan de 'n t-sìoda ri srannraich,
Mu mhuineal nam buaidhean prìseil
Cumail dìon air a min bhràghad;
Cuilc 'na slugan tha 'ga lìonadh,
Air a dhìonachadh le snàithean.
'S i phìob ùr a tha 'n Dùn Eideann
Eibhneas Ghàidheal,
Inneal-ciùil as fheàrr fo 'n ghréin,
Le reusan àraid:
Tha i snasmhor maiseach fìnealt'
Cuimir dreachmhor dìonach làidir,
Gu binn bòidheach seòcail ceutach
Ceòlmhor eutrom éibhinn àlainn.
Pìob a chuireadh sunnd gu mire,
Fonn is faram,
Air gach diùc is àrd cheann-cinnidh
'S oighre fearainn;
Bidh gach duin'-uasal 'ga sireadh
Gu togail a shluaigh 'sa' charraid,
'N am tharraing a suas gach fine
Dhol a bhualadh nan cruaidh lannan.
Ceòl as riòghaile 's as sine
Chuala sinne bhith air thalamh,
Ceòl as brìoghmhoire 's as binne
'S as grinne thug meòir a crannaibh;
Cha chualas neach riamh a dhiomoil
Dreach is dèanadas na h-ainnir,
'S fhuair i cliù le beul gach filidh
A bha 's dùthaich b' fhiach gu rannan.
Tha 'n rìoghachd làn éibhnis uile
'S Dùn Eideann gu tric 'nan aire,
Liuthad treunfhear th' ann a' cumail
Reachd is reusan a' choimh-theanail:
Cainnt as géire chuala duine,
'S urramach gach beul a chanas
A' chànain a ta réidh ullamh
Beusach furanach, glé ealamh.
'S onoir do 'n Ghàidhealtachd turus
Na thàinig an dràsd do 'n bhaile,
Chumail am prìs brìgh an t-seanchais
Tha farmadach leis na Gallaibh;
Gàidhlig Albannach nan curaidh,
'S a' phìob, banmhaighstir gach ealaidh,
An ceòl 's a' chainnt a fhuair gach urram,
'S luaithe bh' ann 's as fhaide mhaireas.
Dh' ìnnsinn pàirt deth:
An toiseach a gleusadh 'n uair a lìonar
Séid 'na màla;
Fonnmhor freagarrach dh' a chéile
Na duis àrda,
Làn toil-inntinn do 'n luchd-éisdeachd
Bhios 'ga clàistinn.
Pìob uallach nam maidean réidhe
'S nan ceanna cnàmha,
De 'n fhiodh chruaidh thig a Semeuca,
'S fheàrr tha fàs ann,
Air a thuairneireachd cruinn dìreach,
Iobhaireach fàinneach;
Gaothaireach feadanach fìnealt'
Le binne chàileachd.
'S freagarrach a' chuid a steach dhith,
'S tha 'n taobh mach dhith dreachmhor dàicheil,
Tonnagach ruibeineach rìomhach,
Dosan de 'n t-sìoda ri srannraich,
Mu mhuineal nam buaidhean prìseil
Cumail dìon air a min bhràghad;
Cuilc 'na slugan tha 'ga lìonadh,
Air a dhìonachadh le snàithean.
'S i phìob ùr a tha 'n Dùn Eideann
Eibhneas Ghàidheal,
Inneal-ciùil as fheàrr fo 'n ghréin,
Le reusan àraid:
Tha i snasmhor maiseach fìnealt'
Cuimir dreachmhor dìonach làidir,
Gu binn bòidheach seòcail ceutach
Ceòlmhor eutrom éibhinn àlainn.
Pìob a chuireadh sunnd gu mire,
Fonn is faram,
Air gach diùc is àrd cheann-cinnidh
'S oighre fearainn;
Bidh gach duin'-uasal 'ga sireadh
Gu togail a shluaigh 'sa' charraid,
'N am tharraing a suas gach fine
Dhol a bhualadh nan cruaidh lannan.
Ceòl as riòghaile 's as sine
Chuala sinne bhith air thalamh,
Ceòl as brìoghmhoire 's as binne
'S as grinne thug meòir a crannaibh;
Cha chualas neach riamh a dhiomoil
Dreach is dèanadas na h-ainnir,
'S fhuair i cliù le beul gach filidh
A bha 's dùthaich b' fhiach gu rannan.
Tha 'n rìoghachd làn éibhnis uile
'S Dùn Eideann gu tric 'nan aire,
Liuthad treunfhear th' ann a' cumail
Reachd is reusan a' choimh-theanail:
Cainnt as géire chuala duine,
'S urramach gach beul a chanas
A' chànain a ta réidh ullamh
Beusach furanach, glé ealamh.
'S onoir do 'n Ghàidhealtachd turus
Na thàinig an dràsd do 'n bhaile,
Chumail am prìs brìgh an t-seanchais
Tha farmadach leis na Gallaibh;
Gàidhlig Albannach nan curaidh,
'S a' phìob, banmhaighstir gach ealaidh,
An ceòl 's a' chainnt a fhuair gach urram,
'S luaithe bh' ann 's as fhaide mhaireas.
Translation:
Language:
Reviews
No reviews yet.