Oran Do Chaiptean Ailean Chinnseborgh

Nis o 'n tha mi 'm ònaran
'S mi chomhnaidh anns a' Bhàgh,
'G obair air na h-òrain,
O 's e 's còire na bhith 'm thàmh—
Tighinn air beus an Domhnallaich
The fearail treubhach mórdhalach:
Gur iomadh ceud chuir eòlas ort,
'S bu deònach leo thu slàn.

'S e mo rùn an t-Ailean
A dh'fhàs foinnidh fearail àrd;
Aon Mhac Dé 'g ad anacladh
O anshocair 's o chràdh;
Sàr chùirteir mùirneach macnasach
A' ghiùlain mhùinte mhacanta
Tha cruaidh gu chùl ach casadh ris
'N uair dhùisgear ascaoin dà.

Fear eòlach seòlta sìobhalt thu
Gun tòir air strìth gu bràth,
'M bheil mais' is tlachd is aoighealachd
Cho math 's a dh'innseadh bàrd,
Mórdhalach mór-inntinneach,
Gun tòrachd air a' phrìobalachd,
Gun sgòd de Chlann Mhic Cùibein ann
Gu h-ìseal no gu h-àrd.

Fear foinnidh fearail socrach thu
'S neo-throicheil a measg chàich;
B'acuinn fear do choltais
A chur mais' air chnoc no dhà:
Leómhann feardha tosgarra,
Mar churaidh calma 'n toirtealachd:
Gur mairg luchd ainmeinn chosadh ort
Gun fhosadh air do làimh.

'S mairg luchd ainmeinn chosadh air
Gun fhosadh air a làimh,
No thigeadh ceàrr no toisgeal air
Gus brosnachadh thoirt dhà;
Lann sgaiteach de smear cruadhach air
'S an truaill bu dreachmhoir' dualannan—
Cha stad e 'm feoil am buailear e
Gun ruig e smuais nan cnàmh.

Cha bhrìdeach air an fhaithche e
Ri fhaicinn a measg chàich;
Ceann-feadhna meadhrach faicilleach
'M bheil taitneachdainn air blàr;
Fear iriseal ciuin céillidh thu,
Gun easbhuidh smear no treubhantais;
Gum b'eireachdas fear t'eugais
Air cheann daoine 'n taobh so 'n Fhraing.

Dubh is deirg is gile
Dreach an fhir a tha mi 'g ràdh;
Gu calma feardha fireachail,
Ro chinneadail ri dàimh;
'S e ceòl as feàrr 's as binne leam
Gun d' rug do mhàthair fireannach;
Gun canar sàr fhear cinnidh riut
Gach ionad 'n dèan thu tàmh.

Cha b'iongnadh dh'ad luchd eòlais
Ge bu deònach leo thu slàn,
Do dheòraiNis do dhìlleachdain
Gun bhith an teinn 'n an sàs;
A ghnùis tha flathail éibhinn,
Far an laigh thu slàn gun éirich thu;
Deagh naidheachd far na féille leat
Do chéile bhith na 's feàrr.

Oighr' air loinn mhic Iain thu,
'M mac-samhail 's gach cion-fàth;
Gu dàimheil càirdeil ineachail
Ri duine bhiodh an sàs;
An ceanaltachd 's an reusantachd,
Am fearalachd mar dh'fheumadh tu—
Gum b'athaireil dhuit na beusan sin
Bha léirsinneach do chàch.

Cha bhreac an imeall lònain thu
Gun neart gun seòl air snàmh;
Chan fhochann bras an fhòlaich thu
Le gaiseadh mór 'n a bhàrr;
Cuspair cinnteach comhnard thu
Dhe 'n fhine rìoghail Dhomhnallaich;
Gur mairg a chuireadh coimhstrith ort
'S tu deònach dhol 'n a phàirt.

'S tu shliochd nan curaidh mìleanta
Nach fuilingeadh spìd fo thàir,
Nach giùlaineadh airm dhìomhanach
'S an tìr a' dol fo smàl;
Le caithreim nam fear móra sin
Bhiodh gearradh garbh air spòltaichean:
Bu shalach searbh an còcaireachd
'N am tòiseachadh air àr.

Chuir Dia tagha céile ort
Rinn maise 's féil ri dàimh,
Rinn an gnìomh bu smearala
Rinn bean a tha no bha;
Le barrachd uaisle 's rìoghalachd
Ghluais i anns na gnìomharan
Thug seanchas buan do lìneachan
Air cuimhne 'n déidh a bàis.

Cha b'iongnadh leam a h-uaisle
Thoirt dhi gluasad anns a' chàs—
Bha stoc na craoibh o 'n bhuaineadh i
Gun ghrod gun ruaidh gun smàl:
Ogh' Aonghuis Oig nam brataichean
Is Raghnaill Mhóir nam feachdannan—
B'e 'm fortan còir nan tachradh
Do bhur n-eascairdibh bhith slàn.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.