Duan Na Bainnse
Chaidh mi sìos do Phaibil
Ann am maduinn 's i ro fhuar ;
Chomhdhalaich mo ghoistidh mi,
E fhéin is Lochlann Ruadh ;
Ghabh sinn chum na tulaich
Far 'n robh cruinneachadh math sluaigh :
Ma rinn iad dearmad buideil oirnn
So m'uirsgeul dhuibh g'a luaidh.
Shuidh sinn aig an teine,
'S bha na gillean cuide ruinn ;
Chaidh am muilleir spreilleasach
Le gheilleart do 'n tigh shìos,
Ag aidhbhseachadh na chunnaic e
'S nach b'urrainn e g'an dìol—
“Gu bheil an siod triuir bhaodhaisteach
Cho leathan 's tha 's an tìr.”
Thuirt Domhnall mac Gille-Mhàrtuinn,
“Ciod e 'n taobh a thàinig sìbh ?
Nam b'e so a' bhanais
'S ann a b'airidh sibh air brill ;
Ged a chumte falamh sibh
Na gearainibh a chaoidh ;
Na iomraidhibh air droch fhialachd
Bho nach daoine dh'iarradh sìbh.
“Tha rud uam 's cha mhath leam e—
Na banchaigean dh'am dhìth :
Bu mhath an am an earraich iad
An uair bu ghainne 'n tìr,
Gu liteach bonnachach brochanach
Le cosamhlas de dh'ìm ;
Bhiodh sògh aig daoine slàn' an siod,
Is àrach dhaoine tinn.
“'S e cùis mu bheil mi dearmalach
Na banchaigean dh'am dhìth :
Gheibhinn air an àirigh iad
Ri àrach a' chrodh-laoigh,
Gu h-imeach gruthach càiseach
Omhnach dràbhagach làn mìg,
Gu meadrach poiteach blàthanach
Le plàsdaichean dhe 'n ìm.
“A nis o'n thug mi cùl riu
Tha mo dhùrachd aig a' chloinn :
Gheibhinn air a' bhuailidh iad
Ri cuallach a' chrodh-laoigh ;
Bu chuid dhe ur dibhearsain
A bhith mar rium anns an oidhch'—
Mi greis a' laighe cuide ruibh,
'S 'n uair dh'fhalbhainn glug 'n am bhroinn !”
“'S tìm dhuinn bhith dol dachaidh
'S gun ar cairtealan 'n ar còir,
Bho nach d'fhuair sinn fiadhachadh
Gu biadhtachd no gu ceòl ;
Mas e so a' chuideachd
A rinn dearmad buideil òirnn :
Fàgaibh far an d'fhuair sibh e—
Fear ruadh a' c——mhóir.”
Ann am maduinn 's i ro fhuar ;
Chomhdhalaich mo ghoistidh mi,
E fhéin is Lochlann Ruadh ;
Ghabh sinn chum na tulaich
Far 'n robh cruinneachadh math sluaigh :
Ma rinn iad dearmad buideil oirnn
So m'uirsgeul dhuibh g'a luaidh.
Shuidh sinn aig an teine,
'S bha na gillean cuide ruinn ;
Chaidh am muilleir spreilleasach
Le gheilleart do 'n tigh shìos,
Ag aidhbhseachadh na chunnaic e
'S nach b'urrainn e g'an dìol—
“Gu bheil an siod triuir bhaodhaisteach
Cho leathan 's tha 's an tìr.”
Thuirt Domhnall mac Gille-Mhàrtuinn,
“Ciod e 'n taobh a thàinig sìbh ?
Nam b'e so a' bhanais
'S ann a b'airidh sibh air brill ;
Ged a chumte falamh sibh
Na gearainibh a chaoidh ;
Na iomraidhibh air droch fhialachd
Bho nach daoine dh'iarradh sìbh.
“Tha rud uam 's cha mhath leam e—
Na banchaigean dh'am dhìth :
Bu mhath an am an earraich iad
An uair bu ghainne 'n tìr,
Gu liteach bonnachach brochanach
Le cosamhlas de dh'ìm ;
Bhiodh sògh aig daoine slàn' an siod,
Is àrach dhaoine tinn.
“'S e cùis mu bheil mi dearmalach
Na banchaigean dh'am dhìth :
Gheibhinn air an àirigh iad
Ri àrach a' chrodh-laoigh,
Gu h-imeach gruthach càiseach
Omhnach dràbhagach làn mìg,
Gu meadrach poiteach blàthanach
Le plàsdaichean dhe 'n ìm.
“A nis o'n thug mi cùl riu
Tha mo dhùrachd aig a' chloinn :
Gheibhinn air a' bhuailidh iad
Ri cuallach a' chrodh-laoigh ;
Bu chuid dhe ur dibhearsain
A bhith mar rium anns an oidhch'—
Mi greis a' laighe cuide ruibh,
'S 'n uair dh'fhalbhainn glug 'n am bhroinn !”
“'S tìm dhuinn bhith dol dachaidh
'S gun ar cairtealan 'n ar còir,
Bho nach d'fhuair sinn fiadhachadh
Gu biadhtachd no gu ceòl ;
Mas e so a' chuideachd
A rinn dearmad buideil òirnn :
Fàgaibh far an d'fhuair sibh e—
Fear ruadh a' c——mhóir.”
Translation:
Language:
Reviews
No reviews yet.